Tha na dorsan a’ dùnadh sna bùithtean anmoch,

luchd-dìon mar shagartan aig na glasan.

’S e obair phearsanta a th’ ann baile a chruthachadh

nad ìomhaigh fhèin. Obair làithean fada

a’ coiseachd shràidean, a’ faicinn dhuilleagan a’ fàs

agus a’ bàsachadh nan leum-sneachd’ dathte,

a’ cunntadh nan argamaidean, a’ dearbhadh peant ùr

air soidhneachan, a’ smìoradh smùr glas air ballachan

ruadha, a’ leigeil às cait fhiadhaich d’ amharais,

’s tìgearan d’ eud, a’ teicheadh bho phantaran

ann an leabharlann do chuimhne, a’ tomhas

casan fada caileagan na bliadhna sa ’s an-uiridh,

a’ sìneadh do bhreugan mar ùir air àrd-eaglais,

a’ lorg nam faclan a chruthaicheas an call.