Rinn Màiri Mhoireasdan seòmar-cèilidh
à sparran tràlair a h-athair:
sin neo am fàgail nam malcadh
an àiteigin air cladach cèin.
Nan cuireadh tu do bhas air an darach
bha e eadar sàl agus gainneamh;
nan gnogadh tu air,
dhèanadh e scut.
Chrom sailthean an tobhta-bhràghad
ris a’ mhuir, dà mhile air falbh;
gach oidhche ghluais an taigh
ann am bòchain, a’ tarraing air acair,
dh’fhuaimneadh mic-talla tron fhiodh
mar ghlaoidhean uilebheistean-mara.
Dh’fhàs polaip agus grom fo sgeilp an TBh,
rinn an uinneag dùrdan drabasta,
fhuair a’ghaoth an similear mun amhaich
a’ feuchainn ri tharraing o mharachadh,
fon bhòrd-chofaidh bha stòbhan-air-bòrd
a’ cagar gu gnù, ann an ceannairc.
Chumadh cas-cheum
sean mharaiche a’ chamhanaich,
thairngeadh ròpanan an latha.
Ri tìde, fuasglaidh i na snaidhmean,
gus a giùlan fhèin tron t-sìl,
thèid a briseadh air an t-slighe.