Bidh thu a’ tilleadh gach là

dhan tobar air oir a’ bhaile,

ach dha-rìribh chan eil e ann –

’s tha agad ri a chruthachadh

on phronnas fiodha ’s beatha,

’s spaidreach chlachan.

Dimàirt cleachdaidh tu masg

de Lego agus breugan,

sìlidh ’s corduroy;

là-eigin eile, stàilinn Tholedo,

pàintidh, faclan àiteachail,

itealan gearra-bhaill.

Chan e dealbh-sgàthain

a chì thu caog-shùileach

san fhuaran ach sgeulachd

toinnte na bhloigh

a tha gad innse claon

gach trup a tha thu ga h-aithris.

Gun fhios dhut cha thog thu

an aon tobar dà thuras;

a-chaoidh chan fhaigh thu a-rithist

blas an aon bhùirn.